Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
GAELIC TEXT. 45
II.
An uair a dhluthaicli sinn a stigh, clia robh r'a
fliaicinn ach croinn nan luingeas, am brataichean
a' snamli gu fann ris an t-soirbheas ; 's cha robh r'a
chluinntinn ach farum ramh, 's torman nan allt agus
nan eas, a bha tuiteam o iomadh sgairneach ard do'n
chaladh a bha nis a' fosgladh gu farsuinn romhainn.
thaobh gu taobh de'n traigh air an dara laimh, tha
sraid de thighean mora cho geal ris an t-sneachd ;
's gu grad air an cul tha uchdach chorrach chas, far
am bheil an calltuinn, an caorann, agus an t-uinseann
a' fas gu dosrach, cho dhith, direach os cionn nan
tighean a tha f6pa, 's gu bheil an geugan, ar leat, a'
liibadh m'am muUach. Air braigh a' bhruthaich chi
thu a' chuid eile de'n bhaile eadar thu 's faire, ionnus
gur duilich dhuit aite 's boidhche agus a's neo-
chumanta fhaicinn. Ach 's ann a mach sa chaladh
a bha 'n sealladh a b'fhiach fhaicinn — na ficheadau
soitheach eadar mhor agus blieag, iomadh eithear
caol le'n raimh uaine, a' bhirlinn riomhach le 'siuil
gheala, 's an long-chogaidh le 'croinn arda, 's le
'brataich rioghail.
Norman Madeod, D.D.
III.
Describing an entertainment given in honour of the
" Teachdaire," as old Norman Macleod was called, from
the name of the Gaelic magazine which he edited.
Labhair Ceann-suidhe na cuideachd an sin gu
socrach reidh. So, ars' esan, a dhaoin' uaisle, deoch
slainte nach diult sibh. Labhair e 'n sin gu fonnmhor
suidhichte m'an Ghaeltachd, mu ar monaidhean far-
suinn, agus ar srathan seasgair. Mhol e na Gaeil,
agus gach ni a bhuineadh dhoibh : cha robh monadh
no srath, no coille no doire, no caol no eilean nach
do mhol e. Labhair e mu ar beanntaibh arda, acus mu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence