Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
GAELIC TEXT. 39
DO'N CHUTHAIG.
Failt' ort fein, a chutliag ghorm,
Le d' oran ceolmhor, milis ;
'S e seirm do bheoil sa Cheiteiu og
4 A thogadh br6n o m' chridhe.
'S ro bhinn learn d' fhuaim sa mhaduinn Cheit'.
'S tu air barr g6ig san innis,
No 'm feasgar ciuin aig bun nan stiichd
8 'N uair bhiodh an druchd a' sileadh.
! innis c' ait' an robh do thriall
'Nuair bha na siantau fionnar ;
Nan robh thu'd thosd gun chail, gun toirt,
12 'An cos a' chnuic fo dhubhar 1
'S mor m' fharmad riut, a chuthag chaonih,
Cha dean thu br6n ad shiubhal ;
'Chionn tha do dhoire daonnan germ,
16 'S do chridhe daonnan subhach.
Ged theicheas tu roimh'n fhuachd air am
Gu-ni faic do ghleaun thu rithis ;
Ach 'n uair bheir mise ris mo chul
20 Cha bhi mo dhiiil ri tilleadh.
'S truagh nach b' urrainn domh leat triall
Air astar sgeith 'n ar dithis,
Le caismeachd bhinn 'toirt fios gach am
24 'N uair bhiodh an Samhradh 'tighinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence