Skip to main content

‹‹‹ prev (206)

(208) next ›››

(207)
GHAIDHEALACH.
Seisd. — Bho' n tha mi gun sunnd, 's is dùtli dhomh mulad,
Cha tog mi mo shuil ri sugradh tuille ;
Cha teid mi le miiirn gu cuirt nan cruinneag,
^ 'S mo run am Muile nam mor-bheann.
Tha maise a's uaisle, suairceas a's ceanal,
A' direadh a suas an gruaidh mo leannain ;
Ma bheir thu dhomh fuath, 's nach buan do ghealladh
Ni uaigh a's anart mo chòmhdach.
Bho 'n tha mi gun sunnd, &c.
Tha maise no dhà ri àireamh f hathast
Air bean a' chuil bhàin nam blàth-shul meallach 3
Ma bheir thu do làmh, gu'm fàs mi fallain,
'S bu shlàinte mhaireann do phòg dhomh.
Bho 'n tha mi gun sunnd, &c,
Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt' air mheangan ;
Sùil ghorm is glan aoidh, fo chaoin-rosg thana —
'S tu 'n òigh a mhealladh gach òigear.
Bho 'n tha mi gun sunnd, «fec.
Tha smuaine no dhà an tràth-s' air m' aire ;
Cha 'n innis mi 'chàch ceann-fàth mo ghalair ;
Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal,
'S do ghràdh ga m' sgaradh an còmhnuidh.
Bho 'n tha mi gun sunnd, &c,
Gur math 'thig an gùnn o'n bhùth do'n ainnir,
'S an fhasan is ùire 'n cùirt nan Gallaibh ;*
Troidh ghloin am broig ùir — 's i dùint' le barr-iall —
Nach lùb air :^iiche am feòirnein.
Bho 'n tha mi gun sunnd, &c.
* Lowlanders.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence