Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
xii ROIMH-RADH
Is math a ta fios agam gu 'm bheil moran rnhearachdan 'na
in' obair, agus moran fhacal a dhith oirre bu choir a bhith inntc ;
ach sniuainich mi nach robh doigh na's fhearr air a' ghnothach
sin a leasachadh na leigeil ris dhuibhse air fad na bh' agamsa
air a chruinneachadh cheana, agus iarraidh air a h-uile mac is
nighean mathar dhibh facail is seann nos eile a chruinneachadh
's a chur ri' cheile, mar a tha mi an so gu durachdach a'
deanamh.
Cha ruig mi leas ruith-mineachaidh a dheanamh air m' obair :
tuigidh sibh fein mar a leughas sibh i, agus mar a thuirt am bard
og : — "Biodh sibhse 'dol a imll 's a nail gus an ruig sibh grunnd
na clais', cha 'n 'eil air, ma tha e gann, ach na th' ann a thoirt
as."
riia 'n obair so agamsa criochnaichte fhad so co dhiubh ; ach
dh' iarrainn oirbhse, illean 's a nigheanan oga gu h-araidh ur
guaillean a chur ris mar a thubhairt mi ; oir tha is bithidh iomadh
cothiom agaibhse nach robh agamsa.
Tha 'n obair — obair a Chruthachaidh — tlachdmhor innte fein,
agus feumail air a h-uile doigh. Na ceadaichibh dhuibh fein a
radh uair saui bith, " Ciod am feum a th' innte," no, "cha 'n 'eil
uin' agam gu suil a thoirt air a leithid." Tha 'm feum so innte co
dhiubh, gu 'n toir e toileachadh mor dhuibh eolas sam bith
fhaotainn, agus ciod e a's mo tha 'm beachd na h-uile neach na
toileachadh fhaotainn. Cha n e sin a mhain, ach is ma dh' fliaoid-
teadh gu 'm faigh sibh aite 's duals na's fhearr 'san t-saoghal so
a chionn an t-eolas araid so a bhith agaibh. Ach tha mi 'n dochas
gu 'n eirich sibh os cionn sin, agus gu 'n cuir sibh romliaibh ur
canain, ur cliu, agus ur n-eolas a mheudachadh air ghaol an eolais
fhein, agus air sgath nan daoine o'n d' thainig sibh.
Tha e duilich learn a radh gu 'm bheil moran Ghaidheal a'
fa'^ail ar duthchadh le canain bhlasmhor nam beann a' ruith gu
siubhlach 'nam beoil, ach an ceann beagan mhiosan, air sgatli
naire neo-thlachdmhor, no o mhi-churam, nach aidich gu 'm bheil
smid 'nan ceann dhi. Na bithibh dhiubh so, tha mi 'guidhe oirbh,
Is fhada mu 'n cluinn sibh na Sasunnaich a' cur an seorsa canain
aca fhein air chul ann an am no ann an aite sam bith. Agus c'ar
son a chuireadh sibhse an fliior chanain sin a tha moran na's
fhearr ami an di-meas air doigh sam bith t I'ha daoin' ionnsaichte,
eadar Shasunnaich is Eilthirich, am fad 's am farsuinn, ag aideach-
adh buadhan na Gaidhlig, agus togaidh iadsan gu taingeil an ni
sin a tha sibhse a' leigeil air chall. Is masladh mor so. Mar a
sheinn Mac Mhaighstir Alasdair : —
" Mhair i fos, 's cha teid a gloir air chall,
Uh' aindeoin go is mi-run mor nan Gall."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence