Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
13
Thu gu h-iriosal, macant',
Caoimhneil, tairis li d' chàirdean,
'S mar an leòmhann gu casgradh,
*N àm bhi 'tachaii t ri d' nàmhaid.
'S iomadh mais' tha r'a inns' ort
Nach cuir mi 'sios anns an dàn so, '
Foinidli, dìreach a'm pearsa,
'S tu gun athadh a'd* nàdur:
Fhir nach d'fiiòghlum a' ghealtachd^
Bu tu cùl-taice nan (ìàidheal,
'S beag an t-ioghnadh leam f hèin e
Ged thug iad spèis dhuit cho làidir.
'S ann a shaoil le luchd-beurla
Gur h ann daibh fèin a bu dìsl' thu,
Bho'n chaidh t-àrach car tamull
Ann an Glascho nan stìopull :
Dhomhsa b' aithne do sheanachas
Le d^arbhadh, 's le fiiinn,
Bha thu 'theaghlach ro chHùiteach
Bha 'n Aird-na-h-ùadh 'an Ile.
'S iomadh sruthan mear, uaibhreach,
A' direadh suas ann a d' phòiaibh ;
'S thu do'n f hiue bha dìleas
Air taobh an rìgh a's na còrach :
Dream curanda, làidir,
Bha 'n Earr ghaidheal a chòmhnaidh :
'S mairg nàmhaid 'g an tàrladh
Teachd fo àrdan a' chòmhlain.
Cuiream crioch air an dàn so
Bho nach bàrd mi 'ni òran ;
Tha mo dhùrachd 's mo bheannachl
H-uile latha ri m' bheò dhuit :
Ach nan cluinninn thu thighinn
Bhiodh mo chridhe làu sòlais ;
'S ged tha 'n aois air mo lagadh
Rachain astar a'd' chòmhail.
B

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence