Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
CALL-GHABHAIG. 15
A' giìilan dachaigh nan gillean,
'S an fhir mhoir nach gabhadh giorrag :
Marcach an treun-eich mhire,
Ceann-feadhna 'an àm na h-iomairt,
Ite chorra sgèith do chinnidh,
Nach d' rinn riamh de'n t-saoghal cillean.
'S beag ìoghnadh thu 'n tùs nam fear barraicht,
A laoich nach biodh fada mu'n mhalairt,
A phàidheadh fear 'thogail na carraid;
Gur càirdeach thu 'dh-Alastair Garrach,
Do Mhac-DhùghaiU mòr à Lathuirn,
larl Antruim 'us Mac-ic-Ailein,
Oighre Dhùn-Tuilm nam fear faUain
D'am bu shuaineas leoghann 's làmh-fhala.
Olc air mhath le luchd do mhì-ruin,
Na-m b' aithne, gu-n deanainn d'ìnnse :
Pearsanaich do shloinneadh direach,
Caiptein thu air sliochd Ghillìosa,
'Choisinn am blàr a bha'm Pìorait,
A leag an trup Gallda gu h-ìseal ;
'S bann-Dòmhnullach 'thug glùn 'us cìoch dhut,
A-mach à teaghlach larl Ile.
Ged a tha mi 'n dràst air m'aineol,
'S ann a bhà mi òg 'nam leanabh,
'An dùchas d' athar 's do sheanar ;
'An deas fo bhaile nan gallan,
Far am bì crodh-laoigh air ghleanna,
Mnathan brèidgheal 'fuaghal anairt,
An talla 'n òilteadh fìon gun cheannach,
'S òr 'g à thoirt fìal do luchd-ealaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence