Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
25
earsnaich ann am fiablirus e. Ithidh fuath
agus mi-rùn suas 'innidh, agus fàgaidh iad e
gun fhois a là agus a dh'oidhche. Tha e an
dùil gu bheil sluagh eile a dh'easbhuidh seirc,
dobhrìgh nach 'eil mothachadh aige do sheirc
"■na chridhe fèin. Cìil-chàinidh e iadsan a
bheir barrachd air, agus bheir e droch bharail
seachad air gach ni tha iad a' deanamh. Air
an aobhar sin bithidh e as eugmhais sonais
agus cliù, agus thig e mu dheireadh gu bochd-
ainn agus truaighe.
(N.) Tharruing na h-Eiphitich dealbh na
h-Aìmsìr le tri chinn. An ceud cheann, eadhon
ceann maduidh-alluidh ghionaich, le beul fosg-
aihe, air son na h-Aimsir a chaidh seachad ; do
bhrìgh gu'n d'ith an Aimsir sin suas cuimhne
gach ni a chaidh dheanamh fo'n ghrèin, agus
nach toir i tuilleadh air ais na làithean agus an
cothrom a mhi-ghnàthaich mac an duine. An
dara ceann, eadhon ceann leòmhain air a chrùn-
adh, air son na h-Aimsir a ta làthair; do bhrìgh
gu bheil uachdaranachd aig an Aimsir sin air na
h-uile ghnìomharaibh, agus gur e deadh bhuil
a thoirt aisde bheir buaidh do'n duine, agus a
chrùnas e le h-urram agus le glòir. An treas
ceann, eadhon ceann madaidh chealgaich, a'
sodal air son na h-Aimsir ri teachd ; do bhrìgh
gu bheil i a' beathachadh cuid do dhaoinibh le
dòchas mealUach, — g'an kiasgadh thairis gu
codal cealgach le a miodal ; agus fadheoidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence