Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
17
araon chum teagaisg 's cleachdaidh, tha 'tòis-
eachadh le bhi 'nochdadh " crioch àraidh " bith
dhaoine, — glòrachadh 's mealltuinn an De mbòir.
Tha e 'nochdadh nan sgriobtur aris, mar an aon
riaghailt leis an treòraichear sibh chum a' chrioch
luachmhor so a choilionadh. Tha e sin a' dol
air aghaidh a nochdadh cliu-f heart Dhe-an-t-
Athair, a' Mac 's an Spiorad Naomh ; 's a chur
'nar, cuimhne oibre a' chruthachaidh 's an
f hreasdail 's a chur an ceill ceud chor an duine
— a thuiteam o neo-chiontas, agus toradh truagh
a' cheud sheachrain. An sin tha e a' comharach-
adh amach tròcair taghaidh shiorruidh chum
peacaich a thearnadh, tha e 'cur an ceill, chum
an run gràsmhor sin a choilionadh, pearsa dhi-
omhair an Eadar-niheadhonair, a's Dia 's a's
Duine, agus a thri dreuchdan Faidh, Sagairt
agus Pàgh a th' air an cur an gniomh leis 'na
staid irisleachaidh agus àrdachaidh. Tlia e,
osbarr, ag innse mu obair bheannaichte 'n
Spioraid ISTaoimh, ann a blii 'co-chur ri creidmh-
ich shochairean na saorsa — socliairean a th' air
am faotuinn sa bheatha so, aig a' bhàs agas aig
an aiseiridh. An deigh sin tha e 'tighinn amach
le beachd seadhar air na dleasnasaibh a tha
taingealachd air son na saorsa agus gràdh do'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence