Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
18
leasg gu dol do'n sgoil. Ni droch
chlann a rèir an toil fèin, agus uime
sin cha bhi meas aig sluagh dhiubh.
Cha chluich iadsan air am bheil eagal
Dè air là na Sàbaid, ach bheir iad an
aire gu'n glèidh iad an là siri naomh
A mhic coimhid àitlme t'athar, agus
na trèig reachd do mhàthar. Gabh
grainn do uabhar agus do ardan, do
dhroch shlighe agus do bheul fiar.
10. — Cha tèid duine air bith as o
shaighead gheur a' bhàis, agus cha
phill e air ais o thalla dorch na
h-uaighe Tha a bheatha air thalamh
gearr, agus neo-chinnteach. Mar
bhlàth thig e mach agus gearrar sios
e : Mar sgàile teichidh e agus cha'n
f han e : Amhuil a ghabhas neul luath
nan speur seach, mar sin esan a thèid
sios do'n uaigh cha tig e nios, agus cha
phill e ni's mò chum a thighe. Uime
sin is coir do gach neach bhi deanamh
deas fa chomhair a' bhàis, air eagal
gu'n glac e iad 'nuair nach 'eii dùil aca
ris
a' chiuoch.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence