Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
17
7. — Tha mi nis san sgoil, agus iiime
sin feumaidli mi aire a thoirt do na
nithe abhiùneas do'n sgoil, — mo leabhar
a leughadh, agus bhi umhal do thoil
an f hir theagaisg. Is còir dhomh bhi
taingeil gu bheil comas agam dol do'n
sgoil, chum gu'm faigh mi fòghlum,
agus eòlas. Tha neach gun eòlas air
bheag meas. Sgriosar miann nan ain-
gidh, agus bheir cridhe cealgach duine
gu bochdainn.
8. — Cha chòir do chloinn òga bhi ri
connspoid. 'Se an diabhul athaii
nam breug, agus ùghdar gach droch
ghniomh. Is còir do gach neach teachd
beò an sìth r'a chèile, agus an sin bith-
idh iad cosmhuil ri Dia, a tha 'naDhia
gràidh agus sìthe, agus a ta maith
dhoibh-san tha gluasad gu ceart. Tha
fearg agus tnù 'nari cùis eagail Stiùir
Dia a shluagh Israel le neul san latha,
agus air feadh na h-oidhche le solus
teine. Sgoilt e a' chreag san fhàsach,
agus thug e deoch dhoibh.
9. — Cha'n 'eil e maith gu'm bi an
cridhe gun eòlas. Cha chuir clann
ghlic fearg air neach air bith ; clia
mhill iad ni sam bith, agus cha bhi iad

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence