Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
40 DEARBHBHEACHD AIR SLAINT.
mhuinntir mo gliràidh, a nis is sinne mic Dhè;
agus cha n-'eil e soilleir fathast ciod a bhitheas
sinn : ach a ta f hios againn, 'nuair a dh'f hoillsich-
ear esan, gu'm bi sinn cosmhuil ris ; oir chì sinn
e mar a ta e. Agus gach neach aig am bheil an
dòchas so ann, glanaidh se e-fein, mar a ta esan
glan." 1 Eòin 3. 2, 3. Sin anis gun teagamh
idir làn dearbh-bheachd air slàint ; agus toradh
an dearbh-bheachd sin, mar tha è air a nochdadh
ann an giùlain gach neach aig am bheil è. Gach
duine aig am bheil an dearbh-bheachd so, agus
an dòchas a tha stèidhichte air — dòchas a bhi
cosmhuil ri Criosd, 'nuair a dh'fhoillsichear esan,
glanaidh se e-fe'in, mar a tha esan glan. Ah seadh !
cha n-ann idir le daorsa laghail, no le oidhirpibh
fèin-fhìreantachd a bheirear neach gu gluasad
mar fhìor Chriosduidh. Is ànn an uair a
dh-aithnicheas sinn an t-saorsa leis an d'rinn
Criosd sinne saor ; is ànn an uair a dh-aithnich-
eas sinn an gràdh leis an do ghràdhaich an
t-Athair sinn, agus a ghlacar leinn an dò-
chas deah-ach, beannaichte sin a bheir sinn gu
bhi air ar comh-chumadh gu làn ri ìomhaigh
Chriosd " 'nuair a dh'fhoillsichear esan," a bhith-
eas ar cridheachan air an togail air falbh de'n
talamh, de gach fèinealachd agus de gach peacadh ;
agus an sin, " Air bhi dhuinne uile le aghaidh
gun fholach, ag amharc mar ann an sgàthan air
glòir an Tighearna, tha sinn air ar n-atharrachadh
chum na h-ìomhaigh ceudna, o ghlòir gu glòir,
mar le Spiorad an Tighearna." 2 Cor. 3. 18.
III. — Anis do thaobh na dòigh air am faighear
dearbh-bheachd air slàint, tha f ìrinn an Sgriobtuir
ag ìnnseadh dhuinn gu soilleir gur ànn " le gràs
tha sinn air teàrnadh tre chreidimh." Eph. 2. 8

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence