Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 35
ear aniis an dara roinn de'nLitir so air a stèidheach-
adh air dearbh-bheachd cinnteach Chriosduidhean,
mar tha sin air a dheanamh soilleir anns a' cheud
roinn dhì, gach beannachd a ta air a mhealtuinn
le Criosduidhean air 'ainmeachadh anns a' cheud
roinn agus earail arèir sin air a toirt doibh anns
an dara roinn. Tha sinn a' lèughadh anns a'
cheud roinn, " Anns am bhèil (sin ri ràdh ann an
Criosd) againne saorsa tre 'f huil-san, maitheanas
nam peacadh a rèir saoibhreis a ghràis." Eph. 1.
7. Agus arèir sin tha earail air a toirt dhuinn
anns an dara roinn ag ràdh, '' Agus bithibh
caoimhneil teò-chridheach d'a chèile a' toirt
maitheanais d'a chèile eadhon mar a thug Dia
maitheanas dhuibh-se ann an Criosd.'' Eph. 4. 32.
Anns a' cheud roinn tha sinn a' leughadh gu'n '•do
roimh-òrduich Dia sinne chum uchd-mhacachd na
cloinne tre losa Criosd dha-fein." Eph. 1. 5.
Agus arèir sin arìst anns an dara roinn, " Uime
Bin bithibh-se 'n 'ur luchd-leanmhuinn air Dia
mar chloinn ghràdhalch. Eph. 5. 1. Anns a*
cheud roinn tha sinn a' lèughadh " Neacli an
dèigh dhuibh creidsinn ann, (Criosd) chuireadh
seula oirbh le Spiorad naomh sin a' gheallaidh."
Eph. 1. 13. Agus areir sin tha earail againn
arìst anns an dara roinn, ag ràdh, " Na cuiribh.
doiìgheas air Spiorad naomh Dhè leis an do chuir^
eadh seula oirbh gu là na saorsa." Eph. 4. 30.
Anns a' cheud roinn tha sinn a' lèughadh mu
shaoibhreas gràis Dhè, " Anns ann robli e ro
phailte dhuinne 's an uile ghliocas, agus thuigse :
a dh'f hoillsich dhuinn rùn-dìomhair a thoile a rèir
a dheadh-ghean fein, a rùnaich e ann-fèin." Eph. 1.
7-9. Agus tha earail air a toirt duinn arèir sin arìst

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence