Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 27
dà lagh sin, leis an robh àithntean Dhè air an
cur 'an neo-bhrigh. Mar siu, gheibhear cùisean
a'dol ameasg Chriosduidhean an là an diugh.
Carson a chluinnear na ceistean so cho tric.
" Am beil è mi-cheart a leithid sid 's a leithid so
a dheanamh ? Am bheil nithe mar so 's mar sid
fèumail a chum slàinte ?" Ciod a tha ceistean
bochda mar sin a' dearbhadh, ach gu'm bheil aon
sùil air nèamh agus an t-sùil eile air an talamh,
agus an cridhe nis ag ìarraidh na's urrainn è a
ghlacadh de'n talamh gun chòir air nèamh a chàll.
Ach ciamar a ghinear fìor dhiadhachd — aonadh
ri Criosd ? So dhuit am freagairt o bheul an
Abstoil " Tha gràdh Criosd 'gar co-èigneachadh,'^
2 Cor. 5. 14. 'Nuair a dh-aithnicheas sinn da
rìreadh gu'n d'rinn Dia ar teàrnadh gu saor le
'ghràs, gu'n do bhàsaich Criosd air ar son, agus
gu'n d'èirich è rìst, agus gu'm bheil oighreachd
air a h-ullachadh dhuinn air nèamh, an sin
gheibh sinn togradh nuadh agus cuspair nuadh.
Chaidh an togradh, eadhon gràdh Chriosd, ainm-
eachadh cheana ; agus gheibhear au cuspair air a
nochdadh dhuinn leis an Abstol anns na briath-
raibh so a leanas, " Oir tha gràdh Criosd 'g ar
co-èigneachadh, air dhuinu breithneachadh mar
so, ma f huair a h-aon bàs airson uan uile, gu'n
robh na h-uile marbh, Agus gu'u d'f haair è bàs
airson nan uile, chum iadsau a tha beò, nach
hitheadh ìad o so suas heò dhoihh-fe'in, ach dha-san
a dhyhuiling am hàs air an son, agus a clh'eirich a
W5." 2 Cor. 5. 14, 15. Chum iadsan a tha beò!
Ah ! seadh ìadsau uile aig am bheil au dearbh-
bheachd beannaichte so air beatha nuadh — tha è
gu cìnnteach aca-san uile a ta air an teàrnadh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence