Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
DEARBH-BnEACHD AIR «LA1NT. 19
sinn le gairm naomli." 2 Tim. 1, 8, 9. Seadh a
SHAOR siNNE. Sin anis an dearhh-hheachd anns
an do sheas an t-Abstol Pòl, agus ghabh è ri
Timoteus mar aon aig an robh an dearhh-hheachd
cèudna. Agus tha Pòl a' labhairt ri Tìtus leis a'
mhuinighin chèudna, ag ràdh " Cha'n ann o oib-
ribh f ireantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair
fèin shaor e sinn, tre ionnlad na h-ath-ghineamh-
uinn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid naoimh :
a dhòirt e oirnne gu saoibhir, tre losa Criosd ar
Slànuighear; chum air dhuinnbhi air ar fìreanach
adh tre a ghrà-san gu'm bitheamaid air ar deanamh
'n ar n-oighreachaibh a reir dòchais na beatha
maireannaich." Tìt. 3. 5-7.
Seallamaid anis ann an sgriobhadh an Abstoil
Pheadair, agus gheibh sinn an fhianuis chèudna
an sin. Ann an toiseach ceud Litir Pheadair
gheibhear è a' labhairt le mòr thàingealachd agus
le mòr aoibhneas, ionnus gu'm bheii è làn shoilleir
gu'n robh dearbh-hheachd làidir, làn air slàint
araon aige-fèin agus aig a' mhuinntir gus an
robh a Litir air a sgrìobhadh. Mar so tha e ag ràdh.
" Gru ma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar
Tigliearna losa Criosd, neach a rèir a mhòr-thròc-
air, a dh'ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre
aiseirigh losa Criosd o na marbhaibh, chum
oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalaich,
agus nach searg as, a tha air a coimhead 'sna
nèamhaibh dhuibhse, a tha air bhur coimhead le
ciimhachd Dhè tre chreidimh chum slàinte, a tha
uUamh r'a foillseachadh 'san aimsir dlieireann-
aich." 1 Pead. 1. 35. Bha dearhh-hheachd cho
cìnnteach, caitlireamach aig an t-sluagh so, ionnus
gu'm b'urrainn iad "mòr ghàirdeachas a dheanamh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence