Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
18 DEAllBH-BHEACHD AIR SLAINT.
uime-fèin agus mu tliimchioll riaii creidmheacli
ann an Tesalonica, ag ìnnseadh gu'n do shaor
losa ìad o'n f heirg a tha ri teachd, nach robh ìad
air an òrduchadh chum feirge, ach a chum slàint
'fhaotuinn, gu'n robh iad air an taghadh le Dia o
thùs chum slàinte, gu'n robh ìad air an gràdh-
achadh le Dia an t-Athair, agus leis an Tighearn
losa Criosd a thug dhoibh sòlas sìorruidh, agus
dòchas maith tre ghràs. Am bheil am faileas a's
lugha de theagamh air 'ainmeachadh an sin, no
ni sam-bith cosmhuil ris na teagamhan agus na
h-eagalan suarach gun chiìch, a chluinnear cho
tric ameasg Chriosduidhean air an là an diugh,
agus a tha, mo chreach ! air am meas agus air an
caidreachadh le ro mhòran, mar dhearbhadh air
irioslachd, agus mar dheadh chomharradh air
obair nan gràs anns an anam ì
Ann an rànnsachadh nan Litrichean gheibhear
Pòl a' labhairt le muinighin mu Thimoteus mar
" 'f hìor mhac anns a' chreidimh :" agus cha
n-fhaighear teagamh, no neo-chìnnteas air-bith
ann am briathraiblf Phòil, an uair a tha è 'labh-
airt air 'ìompachadh fèin. Tha è gu dìreach ag
ràdh gu'mr- e-fèin " an ceud-fhear de pheac-
aich," ach tha è ag ràdh bàll dìreach an dèigh
6Ìn, " Gridheadh, air a shon so fhuair mi
tròcair, chum gu'm foillsicheadh Criosd annam-sa
air tùs, an uile fhad-fhulangas, mar shaimpleir
dhoibh-san a chreideadh ann, an dèigh so, chum
na beathamaireannaich." 1 Tm. 1. 15, 16. Ann
an comhairleachadh agus ann am misneachadh
Thimoteuis, tha Pòl ag ràdh ris, '' Bitheadh do
chuid agad a dh'àmhghar an t-soisgeil, a rèir
cumhachd Dhè ; a shaor sinne agus a ghairm

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence