Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
14 DEARBII-BHEACHD AIR SLAINT.
an Ephesus, agiis nan creidmbeach ann an losa
Criosd." Eph. 1. 1. Tha'n Litir chum nam
Philipianach a dh-ionnsuidh " nan naomh uile
ann an losa Criosd, a tha ann am Philipi." An
Litir chum nan Colosianach a dh-ionnsuidh " nan
naomh agus iiam bràthair dìleas ann an losa
Criosd, a tha ann an Colose." An Litir chum nan
Tesalonianach, a dh-ionnsuidh " eaglais nan
Tesalonianach, a tha ann an Dia an t-Athair,
agus anns an Tighearn losa Criosd." Sin na
briathran anns am beilear a' labhairt ris na
naoimh ann an Tesalonica. Chithear gu soilleir o
gach fàilteachadh dhiubh sin gu'm bheilear ag
aideachadh nan Criosduidhean ud mar mhuinntir
aig am bheil fios gur ann d'an ìonnsuidh fèin a
thatar a' sgrìobhadh ; agus tha na h-ainmean, leis
am beilear a' labhairt ria, a' dearbhadh gu'n robh
fios aca gu'm bu Chriosduidhean ìad-fèin.
Ach cha n-ànn amhàin ann an toiseach nan
Litrichean a gheibhear a' mhuinntir, gus an robh
iad air an sgrìobhadh, air an comharrachadh
amach mar Chriosduidhean. Gheibhear an t-ainm
mòr sin air a thoirt doibh eadar dà cheànn gach
Litreach, agus mar sin a' dearbhadh gu soilleir
gu'n robh dearhh-bheachd air slàint, araon aca-san
a sgrìobh na Litrichean, agus aca-san a chum an
robh ìad air an sgrìobhadh. Tha sin soilleir o na
briathran a leanas : — " Uime sin air dhuinne 'hhì
aìr ar fireanachadh tre chreidimh, tha sìth againn
ri Dia, tre ar Tighearn losa Criosd." Ròm. 5. 1.
" Air an aobhar sin cha n-'eil a nis dìteadh sam
bith do'n dream sin a tha ann an losa Criosd.
Tha an Spiorad fèin a' deanamh fianuis maille
r'ar spiorad-ne, gur sinn clann Dhè." Bòm. 8

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence