Skip to main content

‹‹‹ prev (16)

(18) next ›››

(17)
DEAEBH-BHEACHD AIR SLAINT. 13
fèin agus bhur Dè-se," Eòin 20. 17. Am b'iir-
rainn iadsan, a fhuair an teachdaireachd sin, aon
teagamh a bhi aca do thaobh an slàinte ? Bha na
briathran sin air an labhairt riu, mar a bhràithrean,
leis an t-Slànuighear an dèigh dhà èirigh o na
mairbh, a' teagasg dhoibh gu'm b'è 'Athar fèin
an Athair-san — a Dhia-san an Dia-san — ciamar,
matà, 'b'urrainn teagamh idir a bhi aca ?
Tha Litrichean nan abstol Air an sgrìobhadh a
chum na muinntir sin a bha 'n an Criosduidhean
agus aig an robh fios gu'm bu Chriosduidhean
ìad. A' cheud Litir air a sgrìobhadh " Chum
nan uile a tha 's an Eòimh, air an gràdhachadh
le Dia, air an gairm gu bhi 'n an naoimh." Ròm.
1. 7. Cò nis a b'urrainn an Litir so a ghabhail
mar tha ì air a sgrìobhadh d'an ionnsuidh an so ?
Cò ach ìadsan a bha fiosrach gu'n robh ìad air an
gairm mar so le losa Criosd, agus air an gràdhach-
adh le Dia. Air an dòigh chèudna gheibhear a'
cheud Litir chum nan Corintianach air a sgrìobh-
adh "chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus,
chum an dream a tha air an naomhachadh ann
an losa Criosd, air an gairm gubhi 'n an naoirah."
1 Cor. 1. 2. Tha an dara Litir chum nan Corinti-
anach air a sgrìobhadh " chum eaglais Dhè, a tha
ann an Corintus, maille ris na h-uile naoimh a
tha ann an Achaia uile." 2 Cor. 1. 1. Gru
cìnnteach bha sluagh ann an Corintus aig an
robh fios gu'm b'ìad " eaglais Dhè" 's an àit sin,
no gu'n robh ìad air an àireamh ameasg nan " uile
naomh ann an Achaia uile." Ach cha ruigear a
leas tuilleadh a ràdh air gach cùis fa-leth dhiubh
sin. Tha'n Litir chum nan Ephèsianach air a
sgrìobhadh a dh-ionnsuidh " nan naomh a ta ann

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence