Skip to main content

‹‹‹ prev (6)

(8) next ›››

(7)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
Is fìor luachmhof* dearbh-bheachd air Blàint do'n
anam. Is ni so a ta cho luachmhor, soilleir»
fèumail ann-fèin, ionnus gu'n saoileamaid nach
bitheadh aobhar idir air aon f hocal a ràdh chum
a luachmhorachd a dhearbhadh, no idir a sparr-
adh air neach sam-bith, gidheadh nach iomadh
neach a dh-fhaodas an leabhran so a lèughadh,
aig nach 'eil an dearhh-bheachd so fathast. Is
ann ris a' mhuinntir a ta anns an staid bhochd
sin a b'àill leam labhairt gu soilleir, dìleas, dìreach,
teànn anis.
Agus anis, matà, a lèughadair ionmhuinn,
smuainich gu cùramach mar bhuineas a' cheirt
so do shlàint agus do shìth d'anama. Tha thu
nis a' creidsinn gu'm bheil Dia ànn ; gur è am
Biobull focal Dhè ; gu'n tig am bàs agus an deigh
sin breitheanas, agus theirinn gu'm bheil thus'
ag ìarraidh a bhi air d' uVHachadh a chum seas-
amh saor air deas làimh Dhè air an là mhòr : a
dh'aon fhocal, faodaidh gur aon thusa de'n àir-
eamli lìonmhoir sin a ta nis ag aontachadh le uile
fhìrinnibh an t-soisgeil, agus a tha gu tric fo
chùram mu nithibh mòra na sìorruidheachd gun
smuaineachadh riamh fathast air a' cheist mhòir
agus shìorruidh so, eadhon dearhh-bheachd no

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence