Download files
Complete book:
Individual page:
Thumbnail gallery: Grid view | List view
EACHDRAIDH lOSEIPH. 45
a cliunnaic mi t-aghaidh mhaiseach. Oir tha
gaol agam ort a loseiph ; tha mo chiocras a 'toirt
orm mo nàir a nochdadh ; tha mo chliù an earbsa
riut ; tha dòchas agam gu'm bi thu co uasal 's
a's gnàth leat." Air dh' i so a ràdh chrom i a
ceann air 'uchd, agus shil i na deòir gu frasach,
a dh' oidheirpich i fholach, ach bu diomhain
di. Fo ìoghnadh ris an aidmheil fhollaisich
so, bha e rè real m' am b'urra dha focal a ràdh.
An ùine ghearr, le caoineadh reachdmhor air
a taobhsa, agus le tiìirse cridhe air a thaobhsa,
le cruaidh-spàirn eadar truailleachd agus deadh-
bheus, le guth fann bristeach tliuirt e, "Bith-
idh do chliù do ghnà saor o alladh aig d' òglach
neo-airidh, neach is e 'uaill a's mò a bhi dlleas
mu gach ni a dh' earbar ris. Ach m'an innis
mi mo bharail mu"n chiìis so, an toir do mhòrachd
cead domh labhairt mu ni air am fìosraiche
cloinn Sheim, no gineil Ham." An dèigh dha
cead fhaghail, le fiuthair gu'n saoradh e e fein
o'n èiginn san robh e, agus gu'n oibricheadh
e caochladh barail na bhana-mhaighstir, chaidh
e air aghaidh mar so.
"'Nuair a chruthaicheadh ar ceud-sinnsir,
Adhamh agus Eubh, bha iad saor o gach claon-
Ihogradh chum uilc : cha robh aon smuain
thruaillidh nan aigne. Mhair an t-sàmhchair
shiochail so aca co fad 'sa ghlèidh iad an neo-
chiontas. Ach thuig iad o'm fìosrachadh goirt,
gu'm be toradh a' pheacaidh gnà-eagal agus sìor
bhuaireas. Bu deònach le 'r Cruthadair math-
asach ceud-sinnsir a chinne-daonna a chur ann
am pàrras, far an do shealbhaich iad earrach
gxin chaochladh, agus gach kiibh thaitneaoh.

Set display mode to: Large image | Transcription
Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated.
Early Gaelic Book Collections > Blair Collection > Eachdraidh Ioseiph, mhic Iacoib > (49) |
---|
Permanent URL | https://digital.nls.uk/76197416 |
---|
Description | A selection of books from a collection of more than 500 titles, mostly on religious and literary topics. Also includes some material dealing with other Celtic languages and societies. Collection created towards the end of the 19th century by Lady Evelyn Stewart Murray. |
---|
Description | Selected items from five 'Special and Named Printed Collections'. Includes books in Gaelic and other Celtic languages, works about the Gaels, their languages, literature, culture and history. |
---|