Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
44 EACHDRAIDH lOSElPH.
eagal air roi' d' dhiumb mar biodh tu co deònach
's a bhiodh e fein/'
" ! Shirena," f hreagair bean Photiphair,
" 's èiginn duit a thuigsinn, gur cruaidh an
gnothach do thè againne, far a' bheil a' chùis
laghail, ar deòin 'aideachadh ; ach gu mòr ni 's
mò far am bheil an cuspair mi-cheadaichte, a
chionn gu bheil e a' foillseachadh ar mi-chliu
agus ar nàire. Ach rachadh agam air mo ghràdh
dha 'aideachadh, nan saoilinn gu'n aontaicheadh
an t-òig-fhear stràiceil leam ; ach, a Shirena !
ma dhiiìltas e mi, tha mi caiUte. Tha' phearsa
eireachdail agus ionmhuino, tha 'ghiùlan gu
modhail suairce, agus 'inntinn saor agus neo-
lochdach ; ach 's eagal leam gu bheil a dheadh-
bheus do-lùbaidh." " a bhean uasal," a deir
an t-seann bhan oileanaiche, " cha chomasach do
dheadh-bheus air bith cur an aghaidh do sgiamh-
achd-sa. Tuitidh e gu socharach leat, 'nuair
a thuigeas e do ghràdh air,"
A' gabhail misnich o na thuirt Sirena, chuir
i roimpe gu'n cuireadh i nàire agus banalas air
cùl, agus gu'n deanadh i furan air loseph da
hionnsuidh. Chum so a dheanamh, dh' òrduich
i a carbad chum dol a mach, gun a fear aig a
bhaile, agus gu'n rachadh loseph leatha. An
uair a bha iad air an t-slighe, le rugha na h-
aodann, agus cìocras na sùil, thuirt i, le fann-
ghuth liotach a chuir an cèill olcas a miann, " A
loseiph, cha 'n urrainn duit a bhi neo-fhiosrach
air mo thoil gu bhi a d' chuideachd, agus feud-
aidh mi innse dhuit, mar drùigh mo ghràdh ort,
eadhon mo ghaol-sa, 's trom dhomh a' cheud là

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence