Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
Sfi EACHDRAIDH lOSEIPH.
Grhabriel teachd d'a ionnsuidh, agus saiius a
thoirt da air a chunnart, ach gun innse dha co
uaithe a bha 'm buaireadh ri tighinn. 'Umhal
do 'n ghairm nèamhaidh, thainig an t-aingeal gun
mhoille chum luchairt Photiphair, mu mheadhon
oidhche. Shèid e 'anail chùbhraidh air an
leabaidh, agus air ball dh'fhairich loseph gàir
theas an deadh-bheus a' direadh suas ri nèamh.
Bu bhlasda 'n clò-chodal 'nuair bha'n t-anam
cràbhach an geall air sòlais de ghnè neo-bhàsmhor.
Air dha bhi do ghnà cùramach mu ghnothaichibh
a mhaighstir, air leis gu'n robh e mar so 'ga
ghiùlan fein, 'nuair a chunnaic e làmh ag
iadhadh lìon òir mu thimchioll an àite san robh
e na sheasamh, agus ghrad mhothaich e bhi air
a ribeadh ann. Air leis gu'n robh an lìon cho
làidir 's nach fac e aon dòigh air dol as, 's clia
mhò a b' urra dha innse c'arson a bha e mar
so air a chuairteachadh. Mheas e gu'n robh e
na phriosanach san lìon òir so, agus chual e guth
os àird, ag ràdh, " loseiph ! a's taghta de chlo-
inn lacoib, cuimhnich Dia nan Eabhruidheach.
G-abh greim air neart an Uile-chumhachdaich,
agus cuiridh aon ionnsuidh ghramail fa sgaoil
thu." Le so a chluinntinn, thog loseph suas a
chridhe ri Dia le ùrnuigh ghoirid so na h-inntinn.
" I)he m' aithriche, Abrahaim, Isaaic, agus
lacoib, air a sgàth-san a bhruthas ceann na nath-
rach, 's a sgriosas riobadh an droch-spioraid. cuid-
ich mi an aon uair so agus saor mi.'' An sin
thug e ionnsuidh le uile neart, agus mhothaich e
an hon a' brise co furasda sa dh'fhairich Samson,
an deigh so, na cuird ùra leis an robh e air e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence