Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
32 EACHDRAIDH lOSEIPH.
chioiin gu'n robh e fiosrach air a chor, leig e gu
saorsa a thoile fein e.
Air an fheasgar an dèigh dhoibh teachd do
Mhemphis, ghairm e loseph d'a ionnsuidh, agus
labhair e ris air an doigh so. " Oganaich, tha
fìos gur ann a thaobh farmaid a chaidh do
sgaradh o thigh t-athar, agus do reic riumsa. On
thainig thu fo m' churamsa, thaitinn do chainnt
agus do ghiulan rium. M'as deòin leat fuireach
maille rium, buinidh mi riut mar charaid 's
cha'n ann mar sheirbhiseach ; oir, a loseiph, 's
ionmhuinn leam thu, mar gu'm bu tu mo mhac
fein. Ach theagamh gur coma leat dol air t'ais
do'n tir sa bheil do bhràithrean an-iochdmhor a
chòmhnuidh, agus mar tha mis' aineolach ciod
a tha 'n rùn Dhè a dheanamh riut, bheir mi
dhuit do roghainn, pilleadh leamsa, na fuireach
san Eiphit. Ach m' as annsa leat tuineachadh
san Eiphit, 's f heudar dhuit a bhi air do reic, a
loseiph. Air do reic, a charaid, ged a tha mi
deadh chreidsinn gu'n robh thu air do bhreth
chum riaghladh." Fhreagair loseph gu modh-
ail e, " Albhah urramaich, mo charaid, m' athair,
ceadaich dhomh na h-ainmean cairdeil sin a
ràdh riut ; cha'n urra' dhomh gu leòir de mheas
a bhi agam air maitheas De, a sholair dhomh
ann an coigreach an càirdeas a dhiultadh dhomh
ann an tigh mo bhràithre. B' an-iochd na f huair
mi uapa-san, ach 's fìor chàirdeas, mo mhaighstir
ionmhuinn, a bhuilich thus' orm. B'e mo
mhiann a bhi maille riutsa, ach f huair mi rabhadh
dìomhair o theachdaire nèamhaidh beagan m'an
do reiceadh riutsa mi, a chuir mar fhiachaibh
orm, o'n is deòin leatsa e, fuireach a'm' thràill

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence