Skip to main content

‹‹‹ prev (34)

(36) next ›››

(35)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 31
mhic. Leanaidh mi thu, thig mi suas rìut san
tìr chèin. G-reas ort a bhàis, dean obair ghearr
dheth ; tha fadal orm aon uair eile mo mhac
iadhadh a'm' ghlacaibh aosda. Ach mo Dhinah,
mo nìonag bhochd, nam feudainn dhiìraiginn
fuireach fathast beo, a hìghdachadh do bhròin.
Ach tha mi faghail a' bhàis : cha chomasach
dhomh bhi fada beo an dèigh mo loseiph." Thug
Beniamin gràdhach, Dinah, agus na peathraich-
ean eile gach oidheirp a b' urrainn iad air sòlas
a thoirt do 'n t-seann phriomh-athair arson a
challdaich ghoirt. Ach bu diomhain an oidheirp.
Dhiùlt e co'-fhurtachd a ghabhail, ag ràdh, Ni
h-eadh ach theid mi eug maiUe ri m' mhac. Thug
Sunah bean ludaih, Tamar bean Shimeoin, agus
Silah bean Naphtali oidheirp air lionmhoireachd
a shliochd a chur fa chomhair. An aon-mhac-
deug a bha làthair, an gineil, agus fìuthair ri
mòran tuiUe. Ach fhreagair an duine còir,
Cha'n iad sin mo loseph, agus thuit e thairis ann
an greis eile de bhròn cràiteach. Mar so bha e
ri tuireadh o là gu là arson a mhic, agus cha robh
e'n innleachd a chuid cloinne co'fhurtachd a
thoirt da.
Tharruing loseph agus a' chuideachd dliì air
Memphis, baile-mòr na h-Eiphit, far an robh
na ceannaichean a los am bathar a reic. Agus
fhuair Albhah, an t-Ismaelach mar an ceudna
margadh arson loseiph. Mhothaich Albhah na
h-uiread de theòmachd loseiph mu thimchioll
a gnothaichean, agus bha e co ciatach mu
'dhiadhachd agus mu 'dheadh thuigse, 's gu'm ba
deòin leis a ghleidheadh mar sheirbhiseach, nani
biodh loseph toileach fuireach maiUe ris : ach a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence