Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
26 EACHDRAIDH lOSEIPH.
na rinn sinn, acli tha losepli fhathast beo."
G-hrad fhreagair Keuben, " Ma tha e beo, leigear
dhomh 'f haicinn chum gu'm bi fois agam." " Mo
thruaighe ì" a deir ludah, " ged a tha e beo,
cha n-'eil e'n comas domh a leige dhuit 'f haicinn.
Oir chomhairlich mise, eadhon mise, air ghaol a
ghleidheadh beo, gu'n rachadh a reic ri cuideachd
de cheannaichean Midianach, a thainig an rathad
'nuair a bha thus' air falbh. Thachair so, agus
cha ghabh e leasachadh, no rachadh a dheanamh.
Agus tha nis am barrachd cinnt agam gu'm mair
e beo, a dh'fhaicinn a' bhruadair a teachd gu
crìch, agus gu'n sleuchd a bhràithre sios da.
Tha, mo bhràithre, oir 's ceart a thainig bruadar
na h-oidhche 'n raoir gu crìch, oir feudar gu fir-
inneach a ràdh, gu'n do thuit e ann an slochd
feadh nathraichean, eadhon ann an tigh 'athar.
Tha mi faireachdainn ni-eiginn an taobh a stigh
dhiom ag innse dhomh, gu'n dean an Dia sin a
bheir breth chothromach, peanas ormsa le bàs
mo chloinne fein, arson gu'n d' aontaich mi gu
loseph 'eadar-sgarachdainn o 'athair agus a bhrà-
ithribh. nam biodh e gun deanamh, agus
gu'm biodh cothrom againn air a thoirt a ris a
dh'ionnsuidh 'athar."
Dh'aontaich iad uile leis na thuirt ludah, ach
Simeon a mhàin. Thuirt e, " gur e na bha cur
duilichinn air, gu'n do leig iad as e, gu chuir na
chomas ceannas a bhi aig' orra. 'Nuair bha e
againn, b'amaideach dhuinn a chur fa sgaoil. A
deir càch, " Cha b'àiU leinn air an t-saoghal m'an
iadh a ghrian gu'm biodh a' chùis mar b'aiU leat,
a Shimeoin." Ach leum Eeuben mar dhealan-
ach, agus ghrad mhiUeadh e Simeon, mar d'thug-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence