Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 25
'S deònach a dliìolainn t-f buil air do luchd-casg-
raidh. Ach mo thruaighe ! tha call a h-aon ni's
leòir r'a fhulang do athair caomh. Is goirt a
chràidheadh e a chridhe am pronnadh a dhean-
ainn, nan tugainn comas do m' cheart chorruich.
Ach m' athair, m'athair ! air do shonsa caomh-
naidh mi mo bheatha fein agus am beatha-sa,
agus fàgaidh mi dioghaltas an laimh Dhè." Le
so a ràdh, chaidh e suas chum a bhràithre, le
mulad agus fearg soilleir na ghnùis.
A chealgairean, c'àit' a'bheil an gille ? C'àite
'bheil loseph ? Nach b urrainn duibh fuireach
uaithe car aon oidhche, chum gu'm biodh aig an
fhleasgach mhi-fhortanach cothrom air ath-
chuinge chur suas ri Dia ? Ach mo thruaighe !
dh'f halbh e ! agus mise, cion a theicheas mi ?
Cionnus a fhreagras mi do m' athair arson an
sgaraidh bhrònaich so ? Nach goirt an cràdh a
mhothaicheas an duine math 'nuair a chluinneas
e nach maireann loseph ! athair ! loseiph,
mo loseph cridhe !" Le so a ràdh, bhruchd e mach
le bras-shile dheur a' ruidh sios air a ghruaidh
mar uisge soilleir o'n charraig ailbhinn. 'S
cinnteach nach robh deòir ceatharnaich riamh ni
bu chiataiche na rinn Keuben san àm-sa ! Eha
cràdh-cridhe Eeubein co anabarrach, 's gu'n do
thaislich cridhe a bhràithre ; mhothaich Simeon
fein caileiginn coltach ri agartas coguis car ùine
ghearr. Bha balbh thosd air am feadh uile.
As an t-sàmhchair so labhair ludah ri Keuben,
" A bhràthair, cuir casg air do bhròn, faigheadh
do chiall buaidh air t-f heirg, agus èisd gu ciiìin
ris na dh'innseas mise dhuit. Tha nis dearbh
chinnt agam gu'n deach sinn am mearachd leis
c

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence