Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
20 EACHDRAIDH lOSEIPH.
eagal arson a bheatha fein co math 's arson beatha
loseiph ; bha e duilich arson a' bhròin a bha
ullamh gu 'athair a bhualadh, agus arson na ciont
a bha gu laidhe air a bhràithribh ; ach bha e do
ghnà a' cur roimhe gu'n tugadh e gach oidheirp
air an òganach a shaoradh. Leis an run-shuidh-
ichte so, phill e dh'ionnsuidh chàich, do thaobh
coslaiSj gu fonn'ar misneachail, agus labhair e riu
air an dòigh so. " A bhràithre, tha mi nis ullamh
gu aontachadh le'r toil, agus gu làmh a bhi agam
fein ann, air aon chumha bheag, agus 'se sin, an
ionad'f huil a dhòrtadh, gu'n cuibhrich sinn anns an
t-slochd ud thall e gus am bàsaich e." " Tha sinne
deònach," ars' a bhràithrean, " ach e dh' fhaigh-
inn a bhàis tha sinn coma cionnas. Agus leis a
sin tha Keuben 'ga dheanamh fein co'ionann
ruinne anns a' ghniomh. Thugaibh leibh e chum
an t-sluichd, agus an sin deanadh a' ghrian, a'
ghealach, agus na reultan, ùmhlachd dha."
Air ball dh'fhalbh iad leis, am feadh a bha
esan le cridhe goirt ag ràdh riu gu'n coinn-
icheadh iad a cheile f hathast aig cathair-breith-
eanais Righ nan Eigh, far am faigheadh e ceartas
a thoirt da.
Chaidh loseph a leige' sios do'n t-slochd ; agus
bha aiteas air Reuben an dòchas gu'm faigheadh
e a liubhairt d'a athair an ath-oidhche gu slàn
fallain ; air dha fìos a bhi aige gu'm biodh an
seann duine fo mhor iomaguin arson mac a
ghràidh. Do bhri gu'n robh e socraichte air so
dh'f hàg e e, agus chaidh e do earrann eile de'n
fhàsach mu thimchioll a ghnothaichean, le rùn
tilleadh gun dàil. 'S an àm cheudna, cha robh
ach am bàs aig loseph san amharc, agus 's gann

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence