Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
16 EACHDRAIDH lOSEIPH.
agus loseph ann am meadhon a bhraithre, mai
uan neo-lochdach am measg mhadadh-alluidh
fuileachdach, labhair fear dhiubh ris air a' mhodh
60 : " Oganaich ghlòir-mhiannaich ! smaointich
air do chor, an ceann uaire theid casg a chur air
do dhèigh air àrdachadh ; cuiridh aon uair crioch
air do bheatha, is èiginn duit a call arson ar
saorsadh-ne. 'S èiginn duit dol gu bàs a dh'ain-
deoin cò theireadh e." Fhreagair esan, " Nam
bithinn fiosrach air 'ur mì-run, dh'fheudainn an
cunnart a sheachnadh ; ach thug mo dhleasdanas
do m' athair, do m' bràithribh, agus do m' Dhia
gu ruige so mi ; ma thug Dia mi 'n so chum mo
mhilleadh, 's còir dhomh, agus 's èiginn domh
striochdadh ; ach ma chi e iomchuidh chum gloir
^ainme mo chaomhnadh, tha e comasach air 'ur
runsa do m' thaobh a chaochladh, mar philleas e
na h-aibhnichean uisge ; no gu'n seòl e doigh
air dol as o 'ur dioghaltas-se. Innisibh dhomh
ciod an cron a rinn mi, leis an do thoill mi 'ur
fuath ; ma chuir mi mi-thlachd oirbh, cha b' ann
le m' f hios, agus is cruaidh neach a chur gu bàs
arson coire nach robh àrach aig' air. Leigibh
ris domh mo chionta, agus mar dean mi co'leas-
achadh air a shon, an sin deanaibh dioghaltas
orm. Ach tha mi 'g ar n-earalachadh an ainm
Dhe, Dia Abrahaim, Isaaic, agus lacoib, nach
ouir sìbh gu bàs mi gun mo dheuchainn, Ma
rinn mi cron air a h-aon air bith agaibh, tha mi
deònach air dìoladh ìocadh gu ruig a' chuid a's
faide ; ma chuir mi corruich oirbh, asluicheam
maitheanas oirbh ; ach, na gearraibh as mi an
aois mhaoth m'òige m'an d'ràinig mi aois fear-
jichais !" " Binn thu do dhochair oirnn, a deir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence