Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
14 EACHDRAIDH lOSEIPH.
mì, a Lebhi, is leòir dhomh agartas mo choguis
fein, agus cha chuir mi feum air do chòmhnadh
an-iochdmhor-sa. G-idheadh, 's fìor na thuhhairt
thu, a bhràthair, agus cha ghabh mi gu h-olc e.
Ach gun amharus 'se mo dhroch ghiiàlan roimhe
so is cionf àth air nach feud mi gabhail leibh sa
ghniomh mhalluichte so. Osbàrr, tha mo choguis
ag innse dhomh gu bheil cionta ni's leòir na
laidhe air m' anam cheana, gun tuill' a chur ris
leis a' ghniomh ghràineil sin a tha Simeon a' cur
roimhe ; agus gu'n robh mi a'm chionf àth air
trioblaid gu leòir a chuir air m-athair caomh, ge
nach aontaich mi gu mac a ghràidh a chur gu
bàs, ni a bheireadh a cheann liath le bròn cràit-
each sios do'n uaigh. 'S beag feum a th' aige-
san aig a bheil peacadh adhaltrannais coUaidh
air a choguis, air tuille chur ris le fuil neo-
chiontach a dhòrtadh. Uime sin cha n-'eil e'n
comas domh co'aontachadh le'dheanamh."
" Feudaidh an sgainneàl ghràineil, le aidmheil
fein, a tharruing Keuben air fein agus air a
shliochd a sholtachadh ri bhi na thràill," a deir
Simeon ; " ach tha ar sliochd-ne saor, agus
cha n-'eil iad buailteach de dhaorsa. Air an aobh-
dr sin ma ghabhar mo chomhairle-sa cuirear
loseph gu bàs; mar aontaich Eeuben leis a'
ghniomh cuirear e fein gu bàs maille ris. C'ar-
Bon a mhaireadh e beo gu casaid a dheanamh
oirnne r'ar n-athair ? M'as toil leibh e bheirinn
aon tairgse do Eeuben ; agus ma ghabhas e leinn
cha chuir sinn gu bàs e, ach mur gabh, cuirear
as da fein agus do loseph còmh'la, oir cha chuir
BÌnn e na chomas ar cionta-ne fhoillseachadh.
Aontaicheadh Eeuben leinn loseph a chur gu'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence