Skip to main content

‹‹‹ prev (16)

(18) next ›››

(17)
EACHDRAIDH I08EIPH. 13
mharbhas an t-athair le' mhac a chur gu bìis, agus
gu'n lot sibh a chridhe le fuil loseiph ? Cuimh-
nichibh air ar n-athair, mo bhràithre; faicibh
e a' sile' nan deur os ceann a mhic bheubanaichte :
air a chur gu bas le gineil 'athar : air a mharbh-
adh leis na ceart daoine anns an robh 'earbsa.
Deanadh eagal De, agus gràdh d'ar n-athair urram-
ach, tagradh as leth an òganaich ; agus na faic-
eamsa, guidheam oirbh, an t-olc a thig leis a
ghniomh anacneasta sin, air Israel a tha co mòr
fo chiìram Dhe."
" An e so Keuben," a deir Lebhi le sgallais,
'' Eeuben ceud-ghin lacoib ? An Eeuben diadh-
aidh sin, a chaidh le anamianna gràineil suas
chum leabaidh 'athar, 'sa thruaill i ? C'àit 'an
sin an robh t-eagal mu Dhia, do ghràdh agus
t-urram do t' athair ? An tusa ar comhairliche ?
Thusa nach b'urrainn bean t-athar a sheachnadh,
an e gu bheil thu air fàs cho cràbhach an ùine cho
gearr ? A' bheii thu nis cho cùramach mu bhea-
tha t-athar, a chuir na h-uiread easurram air ?
Gu ma nàr leat do bheul 'fhosgladh, agus leig
le deadh dhaoine ciìis deadh-bheus a thagradh ?"
" Tha t-achmhasan sgaiteach, a bhràthair," a
deir Eeuben, " 'ga m' chlaoi gu goirt. Tha mi
'g aideachadh gu bheil do chasaid fior, agus cha
n-'eil olc mo pheacaidh an an-f hios domh. Chuir
mi easurram air Dia, air m-athair, agus orm
fèin ; agus dh'f hàg mi sgainnil ghrànnd' air mo
shliochd gu bràth. Ach ge nach feudadh a
choi'lion là tùrsach, agus oidhche neo-shocair a
chuir mi seachad, a thoradh a' gniomh sgreataidh
ud, mo lethsgeul a ghabhail ri Dia ; dh' f heudadh
e mo dhion o mhaoidheadh mo bhràithre. Creid

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence