Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
12 EACHDRAIDH I08EIPH.
aige. " Tha e tighinn, a'deir Lehhi le rucas mòr,
a rèir ar rììin; feuch tha 'n t-aislingeach' a'
teachd." " Tha, a deir Simeon, agus a bhràithre,
'se so an t-àm gu chur gu bàs, agus faiceamaid
ciod a dhiongas a bhruadair dha. Cha'n ann mar
sin a bhitheas, arsa Keuben ; an e gu'm bi sinne
aig a' bheil an uchdmhacachd agus an co'chean-
gal, sinne aig a' bheil an gealladh, ciontach de
f huil ar bràthar ? An e gu'n dean sinne ! d'an
d'àithneadh làmha naomh a thogail suas, agus
ìobairtean fiorghlan ìobradh do Dhia, ar n-anama
a thruailleadh le fuil neo-chiontach ar bràthar?
Cuimhnichibh, mo bhràithre, gu'n d'èigh fuil
Abeil o'n talamh ris an Tighearna, d'am buin
dioghaltas ; agus nach brosnaich fuil loseiph fearg
an Uile-chumhachdaich ? Agus co theid as
'nuair a ni Dia dioghaltach tòrachd ? Ma tha'n
t-anabharra spèis aig ar n-athair dha, ciod an
comas a th'aige-san air ? 'S èiginn d'a naimhde
fein 'f hiachalachd 'aideachadh. Ma tha 'bhruad-
air a' cur air a mhanadh a bhi na dhuine mòr,
nach feud loseph a bhi cumhachdach gun sinne
bhi 'n ar tràillibh dha ? An cuir sinne ar brà-
thair gu bàs arson breislich f haoin na h-inntinn ?
Cò is urrainn bruadair a sheachnadh? G-ed a
dh'fheudamaid dèigh air àrdachadh a chur as a
leth, nach gabhadh òige agus cion fiosrachaidh a
leth-sgeul ? Dheanadh am barrachd eòlais, agus
an tuille co'roinn ri daoinibh agus nithibh, a
theagasg dha nach robh an duine o thùs air
'òrduchadh gu bhi na thràill. Leigibh leis an
t-seann duine ar n-athair tagradh as leth loseiph.
Tha a bheatha ceangailte ann am beatha an
leinibh. Ao^us an o^abh sibh de dhànadas na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence