Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
EACHDRAIDH lOSEIPH. »
robh acli aon doigh air a bhacadh ; agus gu'm
b'e sin, (uamhasach ri labhairt) crioch obann a
chur air a bheatha ; mar nach biodh cheana fuil
gu leòir air an lamhaibh ciontach. B'iongantach
gu'm biodh aithriche nan daoine taghta a' cath-
achadh an aghaidh Dhe, agus a' cur an aghaidh
a thoil' a chur an gniomh ! Cia do-Iorgachaidh !
slighean an Uile-chumhachdaich ì agus do-rann-
sachaidh a bhreitheanas !
Dh'imich iad an sin a dh'ionaltradh an treud,
air thùs do Shechem, far nach b'fhada gus an
d' ith iad suas am feur, 's an sin chaidh iad do
Dhotan, far an robh saibhireachd feòir agus
fasgadh d'an cuid sprèidh. Air bheag 'suim
d'an athair cha d'innis iad da gu'n deachaidh
iad air imrich ; co dhiubh is ann a thachair so
chion-smuainteachaidh, no o rùn gu'm faigh-
eadh iad cur as do loseph, cha'n fhois domh;
ach lion an dol air astar inntinn an athar le
iomaguin ; air an aobhar sin chuir e loseph air
an tòir a dh'f hiosrachadh m'an leas. Air dhoibh
Dotan a ruigheachd, chuir iad an comhairle ri
chèile mar chuireadh iad an aghaidh àrdachadh
am bràthar, air an d'amhairc iad a nis le fuath,
agus chuir a chuidh bu phailte dhiubh rompa
a chur gu bàs. Mar so bha'm peacadh anabh-
arrach an-trom le smaointeach' air am bràthair a
mharbhadh ; agus b'e crioch an comhairle, gu'n
dòirteadh na bràithrean fuil am bràthar, agus
sin gun uiread agus coire r'a chur as a leth.
Chuir an athair loseph a dh'fhaicinn cionnas
a bha a bhràithrean, ni bu deòin leis a dheanamh.
Chaidh e air tùs do Shechem, far an robh
fiuthair aig' am faighinn, ach an ionad tachairt

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence