Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
EAOHDRAIDH lOSEIPH. 7
d'a antoil mhalluiclite air ioma doigh ; bheireadh
e am priomh-athair le bròn sios do'n uaigh ;
thàirngeadh e mi-chliu biian air an t-sliochd
thaghta; agus dh'fheudadh e Dia cothromach
a bhrosnuchadh gu'm fiosrachadh le breitheanas
uamhasach. Chum so a dheanamh chuir e
roimhe a mhealladh le bruadar; 's a chum na
criche so, thàr e dh' ionnsuidh a bhùtha, agus
an uair a thuig e gu'n robh e trom na chadal,
shèid e dorchadas duaichnidh air a cheudfaithibh
uile. Air leis gu'm fac e loseph air righ-chaithir,
e fein agus a bhràithrean a' sleuchdadh sios da.
ag asluchadh cobhair o 'laimh ; agus an ùine
ghearr thuig e gu'n robh e ceangailte fo chuibh-
reach, am fìanuis a bhràithre, agus air a thilg-
eadh am priosan ; air leis gu'm fac' e gu'n robh
a ghineil fein nan seirbhisich do shliochd loseiph.
Gru'n robh cliù loseiph air 'àrdachadh chum nan
nèamhaibh, agiis nach robh a chuid eile de
chloinn 'athar air an ainmeachadh ach air mhodh
neo-mheasail, agus gu sònruichte e fein, le gràin.
Osbarr chunnaic e g-u'n robh iarmad loseiph a'
buntainn gu cruaidh an-iochdmhor ri gineil a
bhràithrean. 'S amhuil mar sin a mheall àrd-
namhaid 'anma e le bruadar a dheachdadh dha o
ifrinn. Mhosgail Simeon sa' mhadainn, agus
chaidh e mu thimchioll a ghnothaiche saoghalta,
le ciìram a ghabhail da' threud ; ach bha gruaim
thosdach air a ghnùis, agus cha d' innis e
f hathast a chion fàth.
'San àm cheudna dh' fhàs loseph 'an àirde,
'an deadh-ghean 'athar, agus 'an eagal De. 'An
ùine ghearr chunnaic e aisling eile, air cho'bhrigh
ris a bhruadar roimhe. Air leis gu'n robh e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence