Skip to main content

‹‹‹ prev (6)

(8) next ›››

(7)
EACHDRAIDH lOSEIPH-
A' CHEUD EAKEANN.
'Sann mu dheireadh an fhogharaidh, an uair a
bha sochairean an Fhreasdail air an cuairt-
eachadh a stigh gu tearuinte, a bha 'm priomh-
athair lacob, a' co'chainnt r'a theaghlach le
eachdraidh a bheatha fein a thoirt dhoibh, agus
eachdraidh 'athair Isaac, agus Abrahaim a shean-
athair. Eachdraidh a bha co làn de naigh-
eachdaibh drùighteach, air an cur an cèill gu
h-innealta seòlta, air uairibh a' brosnuchadh
dheur, agus an àm eile fìamh a ghàire, air an
luchd-èisdeachd. Kinn e am barrachd drùgh-
aidh air loseph na rinn e air càch, a thug fainear
de gach earrann do'n t-seanachas : bha Beniamin
beag mar an ceudna, le gluasad cridhe a bhràith-
re, le beachdachadh air an gnùis, a' co'mhoth-
achadh le'n smuaintibh. Bha loseph, caomh-
oighre Kachel ghràdhaich, air a ghlacadh le
ioghnadh ri èisdeachd ri eachdraidh 'athar urram-
aich, am feadh a bha na deòir gu frasach a'
sruthadh o shùilibh. An uair a bha e na aonar,
cha b' urra dha gun bhi cnuasachd mu ghliocas
agus mu mhaitheas De, ann an roghnachadh
lacoib air thoiseach air Esau, ged a bha rùn air
Isaac atharrach' a dheanamh. Thuirt e ris feÌD,
's e na aonar, " Aineolach 's mar tha mi, òg agus
gun fhiosrachadh mu dhiadhachd no mu chealg-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence