Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
43
near gu''n robh an oidhche air a h-orduchadh
le Dia chum fois do dhuineagus do ainmhidh,
agus cha'n ann chum comas a thoirt do spior-
adaibh olcfalbh mu'n cuairt a dheanamh croin,
agus a chur eagail air sluagh. — Bha òganach
beag maille ri ban-seirbhiscach ag imeachd
dhachaidh air oidhche ro-dhorch, agus bha
coinneal aca air a lasadh chum an t-shghe
fhoillseachadh dhoibh. Shèid a** ghaoth ro làidir
'nan aghaidh, agus chuir i as a' choinneal. Bha
a' bhan-seirbhiseach an sin fo gheilt air eagal
gu'n tachaireadh ni-èigin neo-thalmhaidh oirre ;
ach thubhairt an t-òganach rithe, " Na biodli
eagal ort, oir an Ti a ta 'gar freasdal san là,
tha e comasach alr ar freasdal san oidhche mar
an ceudna. Cha chòmhdaich an dorchadas o
a shealladh-san, agus clia tachair ni air bith
dhuinn ach ni a ta air orducliadh leis-san ann
an gliocas, agus ann am maitheas. Air an
aobhar sin c'ar son a bhitheamaid fo eagal
agus fios againn gu bheil sinn ann an làmhaibh
an Ti sin a's urrainn ar tèarnadh o gach gàbh-
adh agus cunnart.'"'
Nan sealladh clann bheag air freasdal an
Tighearn sa' bheachd so ; nan cuimhnicheadh
iad gu bheii a làthaireachd an còmhnuidh
maille riu ; gu'n teasairge a shluagh fein anns
gach teanntachd, agus gu'n toir e air gach ni
co^-oibreachadh chum maith dhoibhsan a chuir-
eas an dòchas ann, chitheadh iad aobhar a ràdh
maille ris an t-Sahnadair,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence