Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
31
aire a thoirt do ar slighe air eagal girm peac-
aich sinn le ar bilibh, agus a ghnàth bhi cur
suas urnuigh an t-Sahiiadair, " Cuir, a Thigh-
earna, faire air mo bheul ; agus gleidh dorus
mo bhilean.''''
'S iomadh dòigh air am bheil sluagh a' labh-
airt gu h-aingidh, agus a' mi-ghnàthachadh
an teanganna chum an aimhleis fèin. Tha
iad Si deanamh so ""nuair tha iad a' toirt ainm
Dhè an diomhanas, — nuair tha iad a'' cur ri
mionnaibh agus ri breugaibh, — 'nuair tha iad
a' mallachadh am pàrantan, — 'nuair tha iad a"*
cul-chàineadh an coimhearsnaich, — agus an
uair a ta iad a"* toirt toibheim dhoibhsan
nach crrinn cron no eucoir air bith orra. Tha
gach aon diubh sin air an toirmeasg le lagh
Dhè, agus ged tha cuid diubh ni's gràineil na
cuid eile, tha iad uile gràineil an sealladh
Dhè ; agus air an aobhar sin 'se ar dleasdanas
an seachnadh le'r n-uile dhìchioll.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence