Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
16
trum thu Vjuair nach robh niothachadh agad
do'n ghràdh agus do'n churam a fhreasdail do
d'uireasbhuidh. Eisd riu araon, oir labhraidh
iad chura do leas: thoir aire do'n comhairle,
oir tha i sruthadh o ghràdh. Gu ruige so
rinn iad faire thairis ort, agus shàruich siad
ìad fèin gu minic chum gu'm biodh pailteas,
agus fois, agus sìth agad-sa.
'Nan sean aois, uime sin, bi thusa a'd' chul-
taice dhoibh. Na lot an cridhe le d'eas-umh-
lachd ; na treig iad 'nuair a ni trioblaid agus
doilgheas greim orra, agus na dean tàir air an
anmhuinneachd 'nuair a bhios an ceann hath,
agus an cos air bruaich na h-uaighe. Bi
caoimhneil riu, agus cum suas iad 'nuair tha
iad a' tuiteam sios fo chudthrom bhhadhnacha:
Thoir sòlas d'an cridhe 'nuair tha e air a chràdh
le pèin ; dean. an slighe rèidh dhoihli chum na
h-uaighe le bhi frithealadh d'an uireasbhuidh,
agus an sin leanaidh maitheas agus tròcair thu
sa' bheatha so, — cuairtichidh beannachdan do
phàrantan do cheann, agus bitliidh " do làith-
ean buan air an fhearann a thug an Tighearna
do Dhia dhuit."
(B.) THA MOR BHUAXNACHD AG EIRIGH O
UMHLACHD DO THOIL DHE.
Chronuich duine diadhaidh àraidh seana
bhantrach a bha cumail bùth marsandachd, do
bhrìgh gu^n robh i a' reiceadh air là na Sàbaid.
Bha aobhar aig a smuameachadh gu'n robh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence