Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
41
Ma's anil deth shaighdearean thu,
Feuch gu'm foillsich thu chliu,
O'n tha e fein air do chul, bi treubhach ;
'S theid thu dhachaidh le buaidh,
Fo ard bhratach an Uain.
Dh'aindeoin feachd agus sluagh na h-Kiphit.
Ga d'robh an Saoghal 'san f heoil,
'S moran dhaoin' air do thoir,
Agus Satan toirt ordugh geur dhaibh :
Dh'f heuch am faigh iad thu an sas.
A cleachdadh innleachdan bais,
Leagadh lin anns gach ait do d' cbeunvail'h.
Ach na gabh eagal gu brath,
Tha do Kigh air do sgath,
Thoir thus' urram, a's gradh. a's geill dha ;
'S bheir e iieart dhuit. a's treoir,
Nach d'thig do naimhdean a"d' choir.
Leis an arniachd a sheol e fein dhuit.
Ach seas a' daighnean 's gach tim.
Ann an Soisgeul na sith,
Agus crios ort dhe'n f hirinn cheudna ;
A's ghiais gu treubhach, briagh,
Ann an eagal a's am fianih,
'S ni e d' bhroilleach a dhion mar uchd-eididh.
Cum do dhochas gu teann.
Ris a ghloir a bhitheas ann,
'S ni sud mar chlogad do cheann a' chuibhrig,
Agus creidimh nan naoimh,
Bitheadh na sgiatli dhuit a chaoidh,
'S cha d'thig saighead a'd' thaobh nach much e
Deagh-lion do chridhe le stoir,
Dheth ni is priseal na'n t-or,
Focal firinn lehobhah, 's eisd ris ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence