Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
40
^Nuair bhitheas tu a leubhadh mu Righ na Gloir,
A dh' f huilinn deuchainnean air gach doigh ;
Cha'n 'eil trioblaid, no bron, no eigheachd ann,
Kis nach d'fheuch e an laithean fheoil.
'S nis ge ard e aig deas laimh Dbè,
Tha shuil a ghnath air a chairdibh fèin ;
Na'n uile theanndachd tha e fo amhghair,
A's tha e teann orra an am gach feum.
Tha sud da riridh iia mhisneach mhoir,
D'on dream tha dileas air taobh a ghloir ;
Gur e an Ti sin tha dhaibh na dhidean,
A BHEATHA, HXÌ FHIRINN, agUS an ROD.
A's ged tha chairdean an so air chuairt,
Bheir e an aird iad, a 's gheibh iad duais ;
^Nuair thig am bas theid iad suas gu Parras,
'S bithidh iad gu brath aig an Dacha idh Bhuan.
AN DEAGH SHAIGHDEAR.
Is trie a chunnaic, 's a chi,
Mi daoine' an t-saoghail gun sith,
Le bhi cogadh, 's a stri ri cheile ;
Ag iarraidh airgiod a's oir,
Ag iarraidh onair a's gloir,
Ged theid iad seachad mar neoil nan speuraibh.
Ach 'sann tha'n saibhreas gun di,
Aig deagh shaighdearean los',
Gheibh iad neart anns gach ni mar bhith's feum air
A's 'nuair a choisneas iad buaidh,
Is mor an sonas, a's an duais,
Gheibh iad oighrer.chd tha shuas 'shh neimhibh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence