Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
32
'N sin chi thu ceartas 'ga riarach*,
Agus Dia a' deanamh sith ;
'S Mac a ghaoil toirt lan dioladh,
A chum ar dion o dliol sios.
Chi tliu 'n sin air a cheusadh,
An t-aon eiric a bh'ann,
Neach a ghiulan ar n-eu-ceartain,
E fein air a chrann ;
Feuchaidh a lotain, a's a chreuchdain,
Gu'n d'thug e speis do'n a clilann ;
'S feuchaidh cumhachd ais-eirigh,
Gur Esa e fein, a bh' ann.
'So am Prionnsa, 'so an Slanaighear,
'So Immanuel fèin ;
'So carraig nan ailltean,
'S an daingneach laidir ri feum ;
'So an Ti tha toirt slainte,
Do shiol Abrahaim gu leir ;
'S an dream a dh'oil as a lanachd,
Bithidh iad tearuinnte gach re.
Sibhse tha caitheadh bhur storas,
A ruith nan solasan faoin ;
Thigibh nis, agus olaibh
De 'n uisge bheo tha gu saor ;
'S biadh gu firinneach m'-fheoil-sa,
Deir Righ na gloir ri clann dhaoin',
'S is abhainn lan deth gach solas,
An fhuil chaidh dhortadh a thaobh.
O ! sibhse tha ri saoithair,
Thigibh, is aomaidh 'ur cluas ;
Cha'n 'eil ni tha o dhaoine.
Nach eil gu saor aig an Uan ;
Togaibh chuing-san tha aotrom,
Agus foghlumaibh uaith ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence