Skip to main content

‹‹‹ prev (34)

(36) next ›››

(35)
31
*S trie a mhill e mo ghairdeachas,
'Nuair a b'f hearr bhitheadh mo shith ,
Daoine truagh bhi na'n traillean,
Aig an namhaid. fo chis ;
'S fearr leo striochdadh do Sliatan,
Na bhi na'n cairdean do Chriosd.
Cha 'n 'eil na'n obair ach traillealachd,
'S cha 'n 'eil ach am bas ann na'n duais,
A's iad fo chorruich an Ard-Righ,
On 's ann dha-sa thug iad fuath ;
Sliochd ceannairceach Adhamh,
'S bochd an caramh ri hiaidh ;
Ach tha mheud 's a f huair tearnadh,
Ann am fabhoir an Uain.
*Nuair a leubhas mi 'm Biobull,
Gheibh mi sgriobht' anns gach ait',
Gu'm bheil iad sud, leis an fhirinn,
Air an diteadh mar tha
Dh'fhag na Sgriobtuirean shios iad,
Mar luchd di-meas air slainnte ;
Is mur beirear a rithisd iad,
'S e sud is crioch dhaibh — am bas.
A dhuine thruagh, tha'n staid nadair
'S nach eil am fabhoir ri Dia ;
Tha thu leanntuinn na sgail sin,
A chaoidh nach sasuich do mhiann ;
'S cha d'thoir lagh nan deich aitheantan,
Dhuit-sa tearnadh, no dion ;
As eugmhais umhlachd 's gach pairt deth.
Cha d'thug e slainte do neach riamh.
Ach ma 's slainte tha thu 'g iarraidh,
Ruig na briathrean 'ta sgriobht' ;
Fag Sinai tha fiadhaich,
A's teich gu Sliabh Chalbhari

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence