Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
2b
'Nuair bhitheas e' feorach am bheil sibh sgith,
Innseabh dha ga'n do bhasaich Criosd ;
'S gu'm bheil gu leoir ann na fhuil chaidh dhortadh,
'S gu'm bith bhur dhochas ann thun na crich.
An sin thig e an cairdeas, a's their e fein,
Gur sibhse an aireamh tha 'm fabhor Dhè,
'S ged do ghhiaiseadh sibh nis mar's aill leibh
Gu'm bith sibh tearuinte feadh gach re.
Acli innseabh dha, gur iad cairdean Dè,
Aig am bheil 'aitheanta, a's ni d'an reir
An dream nach aicheadh an lathair an t-slnaigh e,
'S a leannas an t-Uan ge b'e taobh a theid.
'S e cuilbheairt Shatain bin laidir, treun,
Tha fagail cairdean gun gradh d'a cheile ;
Feuchs e faillinnean dhaibh 's na braithraibh,
Dh'fheuchinn an tar e an cur o cheil !
! 's ann tha 'n feum air bhith caithris biian ;
'S a ghnath bhi 'g eigheach ri Righ nan sluagh
Oir cha'n 'eil ni chumas duint' ri cheil iad,
Mar dean an eifeachd tha 'm fuil an Uain,
Ach trid an Ti thug an t-sith mu'n cuairt,
Cha'n 'eil ni anns nach f haigh iad buaidh ;
Co dhiteas, na leigeas sios iad ?
'S fear coimhid Israel gan cumail suas.
Air feadh na fasach 's e fi^in an cul,
Oir tha iad dha mar tha clach a shul :
'S tha ghealladh grasmhor nach dean & m fagail,
'Nuair thig am bas gu 'n toirt thun na h-uir.
Trid gleann a bhais bitheas e ghnath na'n coir,
Gus an sabhalair iad fadheoidh ;
'S am bi iad tearuinte o gach namhaid,
Anns a Chanaan tha Ian deth ghloir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence