Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
18
Chaidh sìnn mar iolaire aig Inathas,
Gu tir Immanuel shuas,
Dh' ionnsuidh an aite 's am bheil sluagh ro naomh.
Is le halliluia gu buan,
Toirt cliu a's moladh do'n Uan,
'S ag ol tuille a cuan a ghaoil.
Na'm faiceadh m' athair 's mo mhathair,
Meud mo shonas 'san s' ait
lihitheadh iad toilicht' gu'n d'fhag mi an saoghaJ
'S bhitheadh gach latha mar bhliadhna.
Gus am faigheadh iad triall,
Gu co-chomunn ta siorruith naomh.
\S ann 's an aite so tha ghloir,
Tha na sraidean do'n or,
'S meas a fas deth gach seorsa gu buan,
'S bithidh sinn gu siorruith aig ol,
As na h-aibhnaichean beo,
'S an gaol bith-bhuan ga dhortadh nuas.
Tha cuid an so as gach aite,
Air an tional le gras,
As gach treubh agus pairt do'n t-sluagh,
Ach 's ann aca ata an gaol,
Nach robh leithid measg dhaoin,
'Nuair a bha iad 's an t-shaoghal thruagh.
Is anns an aite so tha 'n ceol,
Nach d' theid mhasgadh le bron,
Tha e fantainn na oran nuadh,
Cliu a's onair a's gloir,
Do'n ti bha marbh a's tha beo,
Shaor e sinn-e on dorruinn bhuan.
'S ann 's an ait so tha 'n sluagh,
Chaidh troimh dheuchainnean cruaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence