Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
Ifì
A.ch thainig m' Athaìr le truas,
S thug e dhachaidh mi suas,
Mu'n gann dh'fharaich mi truaigh an t-saoghail,
'S ghlan iad mi am fail an Uain,
'S bitheadh mi sonadh gu buan,
A' snamh tuiUe an cuan a ghaoil.
Bha mi 'm chadal gu bla,
Ann am fasgadh mo Mhathar,
Is ga mo phasgadh 's a lamh fo mo cheann.
'Nuair thainig teachdair' on a bhas,
Thubhairt gu'n siubhlainn gun dail,
'S nach robh fuireach na tamh dhomh ann.
Thug an anshocair buaidh,
'S thainig piantaibh bha cruaidh
'S ruith an lot anns gach buaidh dlieth m'fheol,
*S ann am mionaid na h-uaire,
Dh'f has mo bhilean cho fuar,
'S neul a bhais air mo ghruaidhean og.
Dhuisg, mo mhathair le gaoir,
'S thuirt i m'aillegan gaoil a gul,
Coid dh'fharaich thu cha 'n fhaod thu falbh,
'S rinn i mo ghreimeach cho teann,
'S cha bhitheadh an dealachdain ann,
Ged bha mo chridhe cho fann 's mi balbh.
Cha robh leigheas fo'n ghrein,
Air an ckiinneadh iad sgeul,
Nach do chleachd iad gu feum do m'f heoil,
Ach is ann sharaich iad mi,
'S cha robh sta ann an ni,
Air chor 's gu'n d'fhas mi gle sgith dheth an seoL
Ach chaidh mo mhathair 'an cuil,
'S m'athar dh'ionnsuidh na cuirt,
'S bha iad tagradh gu dhith 's iad fo Ison,
'S thubhairt iad ri 'u athan- air neamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence