Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
10
Ach dh'eirìch grian, 's thainig la nan gras OiT ,
A's dh'eigh an Traith c'aite am bheil thu Adhanih,
Thig nis a'm' fhiannuis 's mo gliaol gu siorruidh
Is feuchidh mi rian leis am bi thu tearuinte.
Oir eiridh slanaighir dheth 'n t-sliochd aig Eubha,
'S bithidh buaidh gu brath leis gach taobh a theid e,
'S e chlaoidheas Satan ^s bitliidh clieann fo shailtean
'S bith' shluagh leis tearruint 's gum paidh e an eirig
Chunna mi Abel toirt suas na h-iobairt,
Ni b'f hearr na Cain *s bha obair fireant',
Bha chreidimh slainteil 's bha an Ti a's airde
Toirt fiannuis dha gun robh e na f hirean.
Chunna mi Enoch air steidh na firinn,
Bha creidimh Dhè aig 's bha cheumain direach,
'S le carbad slaint chaidh e suas gu Parras,
'S cba do bhlais e bas anns an tir so.
Chunna mi Noah san Airce 's e duinte ann,
'S an tuil ga dortadh air slnagh gun churam,
Ghlac eagal trath e on chreid e an t-Ard-Righ,
'S thainig am bas 'nuair bha each gun suil ris.
Chunna mi Abraham a's dhYhag e an tir aige
'S na choigreach dh'fhas le gradh na firinn
Bha chreidimh laidir, 's bha shuil ri Parras
'S 'nuair fhuair e an aithne, cha da chaoin e Isaac.
Chunna mi Maois a' dol sios do an Eiphit
Do'n t-sluagh thoirt saorsa 's bha 'n gairdean treun leis,
Thug e mach le buaidh as an daorsa chruaidh lad
'S Pharaoh 's a shluagh, anns a chuan gun eiridh.
Chunna mi an t-saorsa thug a ghairdean treun dhaibh,
'S chuala mi ghaoir a blia an tir na h-Eiphit,
Nuair shaor e shluagh, a's le fuil an Uam sm,
'S an t-aingeal buadhach a' sgrios nan eeud-ghin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence