Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
onau nan gràs, acli gidlieadh marlli.
Faodar le acfhuinn araidh gluasad a
chur air buill a chuirp mhairbh ; ach
tha na gluasadan ud a sguirsinn cho
luath 's a tha an ni a tha 'n a aobhar
dhoibh air a thoirt air falbh. Agus
ged a dh' fhosglas am beul, agus na
suilean, agus ged a thig gluasad air na
buill eile, tha an corp fuar, marbh.
Air an doigh ceudna tha thusa marbh,
ged a tha neul ort bhi air do lionadh
le cùram mu nithibh Dhè. Troimh
eifeachd nam meadhonan follaiseach,
tha na h-uiread ud de choslas na
beatha ort 'us gun lean thu searmon-
achadh an fhocail, frithealadh nan
sacramaid, agus dleasdanasan eile ;
ach cha-n 'eil toilinntinn, no sìth, no
aoibhneas agad annta. Oir tha 'ur
n-anaman "marbha!" Is e sin is
aobhar dha uile.
Agus, cia fuar 's a tha corp ! Cha
leig mi à mo chuimhne boirionnach
uasail, a bha fo mo chùram mar
lighich, agus am measg meallaidhean-
inntinn eile, a bha fo thrioblaid na
h-uile h-oidhche le bhi 'faiciun corp a
h-athar air a ghiulan le samhladh
dhaoine, agus air a leagadh ri taobh a
leapa. Air a h-iarrtus fèin thug mise
agus an duine aice i a d'-ionusuidh
àite 's an robh corp marbh 'n a luidhe ;
agus air ball ruith i a dh' ionnsuidh an
àite, agus rinn i greim air gairdean
fuar a chuirp, 'g a chumail gu teann
'n a greim. Shaoil leatha nam fairich-
eadh i aon uair fuachda cuirp, gum b'
urrainn i eadardhealachadh a chur
eadar e agus an samhladh a bha 'cur
trioblaid oirre ; agus chuir an sealladh
ud an ni eile as a beachd. Agus ciod
e a th' anns an f huachd eagallach ud
ach samhladh air fuachd an anama
mhichreidmhich, a thaobh Dhe, a
thaobh Chriosd, agus a thaobh naomh-
achd.
Tha da ni aig an duine neo-iompaichte
— corp beò 'us anam marhli. Tha e
cosmhuil risan duine easlan air uairibh,
far am faicear earrainn de 'n chorp
beò agus earrainn eile gun lùs air bith,
ach marbh. Chunnaic mi ueacli a j
fhuair ciorram mu 'n amhaich mar so;
an ceann slàn, ach gun chomas aou
bhall de 'n chorp altachadh. Bha o-
cheann ùine nis, carraid eadar da dlmine
uasal 's a bhaile so, agus bhuail peilear
o dhag an dara fir, am fear eUe 'aii
cnamh an droma. Is cuimhne leam an
lighich a f hritheal dha 'n duine leonta
a radh, gun d' f harraid e dheth ciamar
bha e 'g a f haighinn f hèin 1 " Tha ""
ars' esa, " dìreach mar a tha mi, ceann
beò agus corp marbh air an ceangal
gu h-iongantach r 'a chèile." Tha na
h-uile michreidmheach 'n a dhuine
aig am bheil corp beò air a cheangal
ri anam marhh.
Seadh, fhad 's is michreidmhiclì
iad, chau 'eil daoine idir a reir an
coslais, Tha iad graineil an lathair
Dhe. Oir a dh' aindheoin mar a dh'
f heuchas iad ri 'f holach orra fhèin 'us
air cach, is e th' aca anam marhh ann
an cuirp beò. Tha e toirt do 'r cuimhne
an dioghaltas, air am bheil am bard
Romanach Bhirgil ag iomradh, a
rinneadh le Mesentius righ nan
Tirrenianach air daoinibh, 'n uair (
a cheangail e cuirp marbha ri daoiniUh
beò, agus ghluais na daoine beo leis ir.x
mairbh an ceangal riu, aghaidh li [
aghaidh, agus làmh ri laimh ! Tlia |
moran dhiubhsan a choisicheas nan
sraidean againn, agus cuid 's na h-
eaglaisean againn, cosmhuil ris i!;i
daoinibh udaigMesentius; achdireacìi
gu bheil an ni graineil, marbh, 's aa
taobh stigh. Tha na h-uile michreid-
mheach, am fianuis Dhè, — makbh —
ge bith cho "modhail," agus "maitb,"
agus "beusach," agusfacilleach," 'sa dh'
f haodas e bhi 'am beachd an t-saoghail ;
marbh ann am peacadh 'us 'an enceart-
aibh." Oir " pheacaich na h-uile ;"
" cha-n 'eil fìrean ann ; cha-n 'eil fiù
a h-aon." Agus is e cuibhrionn
siorruidh gach michreidmhich dhiubh
sud," An neach nach ci-eid anns a
Mhac clia-n fhaic e beatha, ach tha
fearg Dhc a gabhail comhnuidh aif."
Cia h-uamhasach 's a tha an cuibhrionn
ud!
A thuiUeadh air so, mar anns an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence