Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
ORAIN
Stiùrainn bàta ri sruth lionaidh,
Ged a robh a' mhuir 'n a sìoban,
'IST uair bhiodh luchd nam breacau grisionn,
'S iad 'n an sìneadh air an fharradh.
An teid thu leam, etc.
Stiùrainn bàta ri sruth fuaraidh,
Fhad's a dh'fhanadh ch'ir dhi 'n uachdar,
'S gheibh thu dearbhadh 's an Leth-uachdraich,
Nach sgeul tuaileis 'tha mi 'g ràdh riut.
An teid thu leam, etc.
Tha tliu ro-mhath air an ùrlar,
'Dol tarsuing anns an ruidhle dliùbailt ;
'S gur a math a thig an gùn duit,
Ann am fasan ùr na Ban-righ,
An teid thu leam, etc.
Tha d'fhalt dualacli, 's tu 'g a chìreadli,
Fiamh an òir dheth mu na cìrean ;
'S leis a' ghaol a thug mi fhìn dhuit,
Leig mi air di-chuimhn' na h-àithntean.
An teid thu leam, etc.
Moire 's i mo ghaol a' mhaighdean,
A tha 'chòmhnuidh ann an Caoimhnis !
Cha tèid mise dh' Ath-an-tuim leat,
Mur toir thu le snaoim do làmh dhoudi.
An teid thu leam, etc.
Moire 's i mo ghaol an ainnir,
D'fhalt dualach, 'n a udiìle camag,
Do dhà ghruaidh mar ròs air mheangan,
Beul cho meacliair 's bho'n tig gàire.
An teid thu leam, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence