Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
GHAIDHEALACH.
'S tliu rnar eala bhàn-ghil
A bhiodh air lochau fàsail ;
Gur fhada ni thu deàrrsadh,
'S do chruth 'cur àill a's snuaidh ort.
A Mhàiri mhiog-shùil, kc.
'S e Rìgh-nan-gaol* a thàlaidh mi,
'S a chuir a thaobhadh Màiri mi ;
'N uair shaoil iad bha mi gràineaeh oit,
Bha m' inntinn hin de luaidh ort.
A Mhàiri mhiog-shùil, &c.
BANAIS MOR CHAMAROIN.
Seisd : — 'S coma leam co bhios às na thèid ann,
Co bhios as na co thèid ann ;
'S coma leam co bhios jis no thèid ann,
Thèid mise gu banais Mòr Chamaroin.
'Nuair thàinig a' chuideachd 's a shuidh iad mu'n bhòrd,
Chunnacas duine 's e 'tighinn na'n còir,
Bha poca 'n a achlais a's bata 'n a dhòrn,
'S e daonnan ag òl air Mòr Chamaroin.
'S coma leam, etc.
Bha thu na d' bhlaster aig Mac-Ille-Mhaoil
Mu'n d'thàinig thu thairis a gearradh nan craobh ;
Gur iomadach caileag a luidh thu ri taobh,
Mu'n robh thu air thaod aig Mòr Chamaroin.
'S coma leam, etc.
* Cupid.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence