Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
ORAIN
'S nioch a bhitheadh tu air ghhiasacl
Aig an t-seilg air feadh nani bvuachan,
Leis a' ghunna, co bhiodh suas riut ?
Sùil mo luaidh neo mhearachdach !
Rùn mo chèile, &c.
'S iomadh latha thug mi spèis dhuit,
Mu 'n d' ghlac mi do làimh o'n chlèire,
'S cha b'e càch ri 'm bithinn rèidh ;
O, b' fheàrr thu fhèin mar cheanna-bheairt.
Rùn mo chèile, &c.
'N uair a thigeadh tu le d' bhràitlirean,
'S Uilleam aoibheil Bhaile-Mhàrtainn,
B'e mo dhùrachd suidhe làmh riut,
'S shruthadh tàbh o d' sheanachas.
E-ùn mo chèile, &c.
Tha t])u iriosal a's uasal,
'S tha thu treubhach mar bu dual duit,
Ann ad oighr' air iomadh buaidh,
'S ann tha thu 'd dliuais gun mbeang leam.
Rùn mo chèile, &c.
Tha thu foghainteach mar BhàiUidli,
Buidhinn cliìi o Earraghàidheal,
Cà, bheil aon a lionadh d'àite,
Lc d' innleachd pàirt neo-cliearbach 1
Bùn mo cheile, kc.
Ann ad dliachaidh tha tliu còmhnard,
Cridheil, suairce, 's e do dhòigh e,
'S ioma h-aon a' suidhe gu d' bhord,
Le'n uile dhebin bheir dearbhadh.
Rùn mo chèile, &c

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence