Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
onAiy
'S tric a leig nii mo sgìos dhiom,
'S tu, ghaoil, sìnnte ann am bhreacan.
'S tric a leig mi, etc.
An àm dol fodha na grèine,
Agus èirigh 's a' mhadainn.
An àm dol fodha, etc.
'S mi gu'n rachadh leat an cunnart,
Far nach cumaiann mo chasan.
'S mi gu'n rachadh, etc.
'S mi gu'm fuilingeadh bhi'm priosan,
Tri mìosan rè 'n earraich.
Ged a thainig mi'n tir so,
Cha 'n fhad 's mianuach leam fantainn.
HO RO, OHA BHI MI GA D' CHAOIDH.
Ho rò, cha Ithi mi ga d' ohaoidh ni's mò ;
iNJa thrèig thu mise cha lugh'd orm thu ;
Na'n tigeadh tu fhathast, bu tu m'aighear 's mo rùn,
'S na'm faighiun do litir gu'n ruigiun thu nunn.
Tlioir an t-soraidli, ceud soraidh, thoir an t-soraidh so uara,
A nunn tliuu nam porta thar osurtich a' chuain,
Far an d'fliàg mi mo leanuan, caolnihala gun ghruaim,
'S gur cùbhraidh' leam d' anail na'n caineal 'ga bhuain,
Ho ro, cha bhi. etc.
'S 'n uair ràlnig mi 'n cladach bha m'aigne fo phràmh
A' cumha na majghdinn is caoimliueile gràdh,
'S 'n uair ghabh mi mo chead di air feasgar Di màirt,
Gu'n deach' nii 'n tigh-òsda a dh-òl a deoch-slàint'.
Ho rò, cha bhi, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence