Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
ROIMH-RADE.
duanagan an Ora^'-aiche aileag air an neach a's giorra anail. Ged nach
d' thixg mi anns a' cheiim so braigh-ghill air na chaidh roniham,
thug mi an oidheirp air stiùireadli le faicill eadar Rudha-nan-rabhad
agus Coire-nan-cuartag. Cò aca, a rinn mi ceart no ceàrr, dh' fheuch
mi ris a' Ghàilig a litreachadh mar a tha i aii- a fuaimneachadh
ann an ceìirnaibh air leth. So puing a tha duilich a h^imhseachadh
gnn ceòhnhoireachd agus co-sheirm cuid do na h-òrain a mhiUeadh,
oir is duail dìithchais, an t-im ùr a bhi a re'ir na bhithaich. Ged nach
'eil mise saor o mhearachdaibh clò-bhualaidh, fuaime no Utreachaidh,
strìth mi ri ar cànain mhàthrail a chur a'n altaibh a che'ile cho
snas-bhriathrach agus cho nàdurra 's a b' urrainn mi ; agus ged
nach biodh gach ni a re'ir meidhean-tomhais nan tiolpairean, bu
mhaith leam gu 'n cuimhneachadh iad an sean-fhacal — "Saoilidh am
f ear a bhios 'n a thàmh gur e fèin is feàrr làmh air an stiìiir. "
Dhioghluim mi ann an iomadh achadh. Thionail mi iomadh
dias, seagal, eòrna, coirce is cruithneachd a riarachadh nan uile a re'ir
an càil. Shaor mi iomadh gineil bhàrdail o a bhi air an adhlacadh
ann an uaigh na di-chuimhne. Shàbhaileadh cuid eile dhiubh a bha
air faontragh ann an duilleacliain bheaga, shuarach, o bhi 'n am biadh
do na leomainn.
Tha mic agus nigheanna a' chiùil lìonmhor am measg nan Gcàidheal
— 3Ìol Oisein agus na FJinne — sliochd nan sonn. Orra so sheid a'
Cheòb-aidh, agus thug anail bhlàth am màthar beò-aiseirigh air am
buadhaibh. Phògadh iad le bilibh nam Fonn, 's dhùisg Teanga nan
Rann iad gu seinn. Dh' òl iad uile a re'ir an lota à tobar fior-uisge na
bàrdachd. Theirgeadh ìiine orm ann an labhairt unipa fa leth.
Chithear mar itean àrda am boineid an Oraxaiche, òrain bhinne,
bhàrdail, agus luinneagan grinne, geur-chuiseach le ioma fìor bhàrd.
Còmhla riìi so, thionaileadh grunnan ro-mhùirneach, làn ciìiil agus
aigheir, cuid mhòr dhiubh tha mar dhìUeachdain gun phàrantan, ach
a shuain sinn gu càirdeil, teò-chridheach ann an cearb do blireacan an
Oraxaiche.
Tha mi a' guidhe gu 'm bi an t-Oranaiche cosmhui] ri sgoth-long
eutrom, thapaidh, loma-hìn do raogha is tagha bathair — iùbhrach
ghasda, chòmhnard a sheòlas troimh gach caol is camus — a shiùbhlas
air gach locha is linne — a thathaicheas air gach ùig is òb — a thagh-
aileas aig gach port is lamraig, gus, coimh-ionnan ri iadhadh na gre'ine,
an cuir i cuairt shunndach, shoirblieachail, air an t-saoghal Ghàidhleach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence